Play @Home Lyrics

1. Rodhan an t-lasgair

2. Cuibhlichean a’ bhus

Tha cuibhlichean a’ bhus a’ dol car, car, car
Car car car car car car

Tha cuibhlichean a’ bhus a’ dol car car car,
Fad an latha

Seinn a-rithist ach atharraich gu
Tha an dùdan air a’ bhus a’ dol bip bip bip, m.a.
Tha ‘ghlag air a’ bhus a’ dol ding-a-ling-a-ling, m.a.
Tha na wipers air a’ bhus a’ dol suis suis suis, m.a.
Tha an doras air a’ bhus a’ dol a-mach ‘s a-steach, m.a.
Tha na daoine air a’ bhus a’ dol suas is sios, m.a.

A-rithist
Tha cuibhlichean a’ bhus a’ dol car, car, car
Car car car car car car

Tha cuibhlichean a’ bhus a’ dol car car car,
Fad an latha

3. Cuibhlichean a’ bhus (Fonn)

4. Uilleam Òrdag

Uilleam Òrdag, Uilleam Òrdag
Cà’ bheil thu?
Tha mi seo; tha mi seo;
Ciamar a tha thu?

Seinn a-rithist ach atharraich gu
Calum Corrag, Calum Corrag, m.a.

Màiri Fhada, Màiri Fhada, m.a.
Mac an Aba, Mac an Aba, m.a.
Lùdag bheag, Lùdag bheag, m.a.

Corragan air fad, corragan air fad
Cà bheil sibh?
Tha sinn seo, tha sinn seo;
Ciamar a tha sibh?

5. Congrinero

Seisd
Congrinero, Congrinero, Congrinero, luchag bheag;
‘S e luchag bheag tha’n Congrinero,
Congrinero, luchag bheag.

Cluasan mòra, cluasan mòra
Cluasan mòra, cluasan mòr
Dà chluais dhìreach, dà chluais dhìreach
Dà chluas dhìreach, dà chluais mhòr

Ciabhagan fada, ciabhagan fada
Ciabhagan fada, ciabhagan fad’
Ciabhagan biorach, ciabhagan biorach
Ciabhagan biorach, ciabhagan fad’

Ceithir spògan, ceithir spògan
Ceithir spògan, ceithir spòg
Spògan caola, spògan caola
Spògan caola, ceithir spòg

Earball fada, earball fada
Earball fada, earball fad’
Earball cruinn, earball cruinn
Earball cruinn earball fad’

Seisd

6. Oran do Leanabh

7. Tha mi ruith ars an rabaid

Tha mi ruith ars’ an rabaid, tha mi ruith
Tha mi ruith ars’ an rabaid, tha mi ruith
Tha mi ruith ars’ an rabaid, ruith ars’ an rabaid
Ruith ars’ an rabaid, tha mi ruith

Seinn a-rithist ach atharraich gu
Tha mi streap ars’ an fheòrag, tha mi streap, m.a.
Tha mi sgèith ars’ an t-isean, tha mi sgèith, m.a.
Tha mi leum ars’ an losgann, tha mi leum, m.a.
Tha mi snàmh ars’ an t-iasg, tha mi snàmh, m.a.
Tha mi ruith ars’ an rabaid, tha mi ruith, m.a.

8. Tha mi ruith ars an rabaid (Fonn)

9. Càite a bheil do Chluasan

Cà’ bheil do chluasan, do chluasan, do chluasan?
Cà’ bheil do chluasan? Seall dhomh iad

Seo iad, mo chluasan, mo chluasan, mo chluasan
Seo iad, mo chluasan, mo chluasan, seo iad

Seinn a-rithist ach atharraich gu
Cà’ bheil do shùilean, do shùilean, do shùilean m.a.
Cà’ bheil do chorragan, do chorragan, do chorragan, m.a.
Cà’ bheil do ghlùinean, do ghlùinean, do ghlùinean, m.a.

10. Càite a bheil do Chluasan (Fonn)

11. Mìre, mìre, miug, miug

Mìre, mìre, miug, miug
Mìre, mìre, miug, miug
Mìre, mìre, miug, miug
Aran is ìm is càise. x 2

Aran is ìm is miug is mìre
Aran is ìm is miug is mìre
Aran is ìm is miug is mìre
Aran is ìm is càise x 2

A-rithist

12. Bleideagan Sneachda1

13. Cluasan, sùilean, sròn is beul

Cluasan, sùilean, sròn is beul,sròn is beul, sròn is beul
Cluasan, sùilean, sròn is beul, aodann bòidheach
Corrag bheag is òrdag mhòr,òrdag mhòr,òrdag mhòr
Corrag bheag is òrdag mhòr, air làmh a h-uile creutair

A-rithist

14. Cluasan, sùilean, sròn is beul (Fonn)

15. Cunntas Bodhaig

Sùil, sùil eile, a h-aon, a dhà;
Cluas, cluas eile, a h-aon, a dhà;
Ceann, sròn, beul, smeagaid,
Fiaclan geala leis an ith thu.

16. Crathaidh mi mo làmhan

Crathaidh mi mo làmhan
Crathaidh mi mo làmhan
Crathaidh mi, is crathaidh mi
Is crathaidh mi mo làmhan

Breabaidh mi mo chasan
Breabaidh mi mo chasan
Breabaidh mi is breabaidh mi
Is breabaidh mi mo chasan

Buailidh mi mo bhoisean
Buailidh mi mo bhoisean
Buailidh mi is buailidh mi
Is buailidh mi mo bhoisean

Slaodaidh mi mo shròn
Slaodaidh mi mo shròn
Slaodaidh mi is slaodaidh mi
Is slaodaidh mi mo shròn

Dioglaidh mi do mhionach
Dioglaidh mi do mhionach
Dioglaidh mi is dioglaidh mi
Is doiglaidh mi do mhionach

17. Crathaidh mi mo làmhan (Fonn)

18. Guth nam beathaichean

Bidh cù ag ràdh uf, uf, uf
Bidh cù ag ràdh uf, uf, uf
Bidh cù ag ràdh uf, uf, uf
Dè bhios piseag ag ràdh?

Bidh piseag ag ràdh miau, miau, miau x 3
Dè bhios bò ag ràdh?

Bidh bò ag ràdh, mù, mù, mù x 3
Dè bhios each ag ràdh?

Bidh each ag ràdh, nè, nè, nè x 3
Dè bhios tunnag ag ràdh?

Bidh tunnag ag ràdh, uac, uac, uac x 3
Dè bhios muc ag ràdh?

Bidh muc ag ràdh, oinc, oinc, oinc x 3
Dè bhios caora ag ràdh?

Bidh caora ag ràdh, mè, mè, mè x 3
Se sin a bhios caora ag ràdh

19. Bothan Chaluim

20. Ròlaidh, Pòlaidh

Ròlaidh, pòlaidh, ròlaidh, pòlaidh,
Suas, suas, suas, suas.
Ròlaidh, pòlaidh, ròlaidh, pòlaidh,
Sìos, sìos, sìos, sìos.
Ròlaidh, pòlaidh, ròlaidh, pòlaidh,
A-mach, a-mach, a-mach, a-mach.
Ròlaidh, pòlaidh, ròlaidh, pòlaidh,
A-steach, a-steach, a-steach, a-steach. x 2

21. Tha Bodach na Nollaig a’ Tighinn a-Nochd

Tha Bodach na Nollaig’ a’ tighinn a-nochd
A’ tighinn a-nochd, a’ tighinn a-nochd
Tha Bodach na Nollaig’ a’ tighinn a-nochd
Le preasantan is parsailean

22. Màiri Bheag a’ Falbh dhan Sgoil

Tha Màiri bheag a’ falbh dhan sgoil
Falbh dhan sgoil, falbh dhan sgoil
Tha Màiri beag a’ falbh dhan sgoil
Sa mhadainn tràth Dihaonine

Pòg dha Mamaidh XXX
Pòg dha Dadaidh XXX
Pòg dha Mamaidh XXX
Sa mhadainn tràth Dihaoine

A-rithist

23. Gnog air an Doras

Gnog air an doras;
Buail an clag;
Gìog tron uinneig
Tadhail a-steach

24. Ceann, Gualainn, Glùinean, Cas

Ceann, gualainn, glùinean, cas, glùinean, cas
Ceann, gualainn, glùinean, cas, glùinean, cas
Ceann, gualainn, glùinean, is cas
Ceann, gualainn, glùinean, cas, glùinean, cas

A-rithist

25. Luath is Socair

Tha crùbag bheag a’ falbh cho socair
Falbh cho socair, falbh cho socair
Crùbag bheag a’ falbh cho socair
Socair air an tràigh

Tha’n cuilean beag a’ ruith cho luath
A’ ruith cho luath, a’ ruith cho luath
Tha’n cuilean beag a’ ruith cho luath
Cho siùbhlach air a’ bheinn

A-rithist

26. Nam bu leam fhìn thu

27. Làmhan anns a’bhùrn

Làmhan anns a’bhùrn
Làmhan anns a’bhùrn
Spliosaidh, sploisidh, splaisidh mi
Mo làmhan anns a’bhùrn

Siabann air mo shròin
Siabann air mo shròin
Spliosaidh, sploisidh, splaisidh mi
Siabann air mo shròin

Frasaidh mi am bùrn
Frasaidh mi am bùrn
Spliosaidh, sploisidh, splaisidh mi
Frasaidh mi am bùrn

Rann 1 a-rithist

28. Meal do Naidheachd an-Diugh

Meal do naidheachd an-diugh
Meal do naidheachd an-diugh
Meal do naidheachd dha’r caraid
Meal do naidheachd an-diugh

A-rithist

29. Meal do Naidheachd an-Diugh

30. Mu thimcheall, mu thimcheall

Mu thimcheall, mu thimcheall
Teadaidh dol air iomrall.
Aon cheum, dà cheum,
Teadaidh ‘dol gad dhiogladh.A–stigh ‘san Sù

31. A-staigh ‘san sù

A-staigh ‘san sù
Tha (cuir ainm a seo) Cangarù
Leum a-nis
Leum a-nis
Leum a-nis gu luath

32. Brochan Lom

Brochan lom, tana lom, brochan lom na sùghain
Brochan lom, tana lom, brochan lom na sùghain
Brochan lom, tana lom, brochan lom na sùghain
Brochan lom ‘s e tana lom ‘s e brochan lom na sùghain

Brochan tana, tana, tana, brochan lom na sùghain
Brochan tana, tana, tana, brochan lom na sùghain
Brochan tana, tana, tana, brochan lom na sùghain
Brocha lom ‘s e tana lom ‘s e brochan lom na sùghain

Thugaibh aran dha na gillean leis a’ bhrochan shùghain
Thugaibh aran dha na gillean leis a’ bhrochan shùghain
Thugaibh aran dha na gillean leis a’ bhrochan shùghain
Brochan lom ‘s e tana lom ‘s e brochan lom na sùghain

Rann 1 a-rithist

33. A’ Phoit-Tì

Seall cho mòr is cruinn is snog ‘s tha mi
Saoil de th’annam’s ach poit-tì
Cuir orm ceann is cluas is strùp
Dòirt mi mach is lion an cùp

A-rithist

34. A’ Phoit-Tì (Fonn)

35. Gathan Greine

36. Ho-caidh Co-caidh

Cuir do làmh a-steach, cuir do làmh a-mach
Cuir do làmh a-steach, agus dèan mar seo
Dèan a ho-caidh co-caidh, a’ dol timcheall
Sin mar a bha, mar a bhios

Seisd
Ooh ho-caidh co-caidh, co-caidh
Ooh ho-caidh co-caidh, co-caidh
Ooh ho-caidh co-caidh, co-caidh
Sin mar a bha, ‘s mar a bhios

Seinn a-rithist ach atharraich gu
Cuir do làmh (eile) a-steach, m.a (Seisd)

Cuir do chas a-steach, m.a
Cuir do chas (eile) a-steach, m.a
Cuir do chluas a-steach, m.a
Cuir do chluas (eile) a-steach, m.a
Cuir thu fhèin a-steach, m.a

37. Cuir Suas Aon Làmh

Cuir suas aon làmh, cuir suas dà làmh
Cuir sios aon làmh, cuir sios dà làmh
Cuir suas aon chas, cuir suas dà chas
Cuir sios aon chas, cuir sios dà chas
Ni mi sin a-rithist

Cuir suas aon làmh, cuir suas dà làmh
Cuir sios aon làmh, cuir sios dà làmh
Cuir suas aon chas, cuir suas dà chas
Cuir sios aon chas, cuir sios dà chas
Nise, tha mi sgìth

38. Flùraichean is ròsan

Flùraichean is ròsan
A h-uile duine còmhla
A-tuisiu, a-tuisiu
A h-uile duine sios

Tha sinne air an ùrlar
Tha sinne air an ùrlar
Tha sinne air an ùrlar
Ach leumaidh sinne suas

39. Rodhan an t-lasgair (A-rithist)

 

learn gaelic

guthan beaga small

Social

gaelic4parents
gaelic4parents #clocksgoback tonight! Learn how to tell the time in #Gaelic with this poster from @lasadhgaidhlig www.lasadh.... pic.twitter...
06:58PM Oct 28
gaelic4parents
gaelic4parents Looking for help with numbers & colours in #Gaelic ? Head over to the 'listen & speak' section of our website: gaelic4pare... pic.twitter...
05:58PM Oct 12
gaelic4parents
gaelic4parents Learning the 'colours of the rainbow' in #Gaelic ? This poster from Lasadh will come in handy: www.lasadh.... pic.twitter...
05:20PM Oct 12