Tha seo nadarra gu leòr, oir cha d'fhuair thu oideachadh tro mheadhan na Gàidhlig mar a tha iadsan a' faotainn. Tha diofar shuidheachaidhean ann anns a bheil daoine a' cleachdadh chànanan, agus tha sinn ag ionnsachadh fhaclan agus structuran anns an sgoil a tha diofraichte bho na faclan is structuran a tha sinn ag ionnsachadh aig an taigh. Agus tha na diofar shuidheachaidhean seo uile a cheart cho cudromach ri chèile. Tha an tidsear anns an sgoil airson taic a thoirt don chloinn le Gàidhlig na sgoile agus thusa aig an taigh airson taic a thoirt dhaibh le Gàidhlig na dachaigh. Mur a h-eil thusa a' tuigsinn a h-uile facal anns na leabhraichean aca, na gabh dragh - cuimhnich gu bheil pàrantan ann nach tuig facal de na th' anns na leabhraichean aca. Faodaidh iad faighneachd don tidsear dè tha na faclan sin a' ciallachadh anns an sgoil an ath latha. Ge b'rith cò ris a tha a' Ghàidhlig agad coltach, bi e na bhuannachd don chloinn ma bhruidhneas tu riutha i.

Gearr-chunntas dhen aithisg Toradh Foghlam Gàidhlig air www.gaidhlig.org.uk

Go back to 'FAQ'